Cothrom Re-Store

 

Dè tha sinn a' dèanamh?

Bidh Cothrom Re-Store, a tha stèidhichte ann am Bornais, Uibhist a Deas a' tabhann cothroman trèanaidh practaigeach ann an obair fiodh agus ath-nuadhachadh àirneis ann an àrainneachd socair agus càirdeil.

Bidh sinne:

  • A' togail tabhartasan de dh'àirneis a tha ann an deagh stàid is nach eil sibh ag iarraidh bhon taigh no on oifis agaibh
  • A' taisbeanadh agus a' reic pìosan sa bhùth againn
  • A' dèanamh suas às ùr, a' càradh no ag ath-nuadhachadh àirneis a rèir na tha dhìth
  • A' lìbhreagadh pìosan a chaidh an ceannach no ath-nuadhachadh
  • A' dèanamh ar dìcheall stad a chuir air pìosan bho dhol a dholaidh no gu lìonadh-talmhainn

Fios thugainn

Re-Store

Bornais

Uibhist a Deas

HS8 5SA

01878 710298

Post-dealain: re-store@cothrom.net

Uairean fosglaidh: Dimàirt gu Dihaoine - 9m - 4.45f

 

 

Re-store Logo

'S urrainn dhuibhse cuideachadh

A' gluasad gu taigh ùr?

Ag ath-sgeadachadh?

 A' ceannach às ùr?

Tha sinn feumach air àirneis mhath ann an deagh staid agus togaidh sinn i. Tha e furasta tabhartas a thoirt dhuinn is cha chosg e càil. Fònaibh thugainn.

Cuiribh maise air na sèithirichean agaibh

Tha deagh thaghadh againn de stuthan airson ath-chòmhdachadh shèithirichean cidsin no seòmraichean-bidhe..

Seirbheis lìbhreagaidh

Bidh a' bhana a' togail is a' lìbhreagadh gach seachdain air feadh Uibhist. Fònaibh thugainn airson ullachadh a dhèanamh.

Gabhaidh sùil air na pìosan ri reic aig Re-Store an seo