Goireasan

 

Goireasan

Air a dhealbh gus am bi slighe fhurasta thuige do gach duine. Anns an ionad tha togalach aon làr le trannsaichean leathan agus lùb ion-duchtadh ann an grunn mhath de na seòmraichean. Tha àitean-parcaidh gu leòr air an làrach, nam measg àitean airson daoine le ciorram is slighe fhurasta chun an togalaich.

Seòmar-bòrd

'S e an t-seòmar-bòrd an rùm as motha agus gabhaidh e suas gu leth-cheud neach ann an stoidhle co-labhairt. Tha proiseactar os-cionn, TBh/DBhD agus 'bòrd cliobhair' eadar-obrachail ann, a tha air leth math ma tha sibh airson taisbeanadh no òraid a thoirt.

Bùth-obrach

Glèidhidh am bùth-obrach mòr seo mòran dhaoine airson seiseanan sgilean practaigeach. Tha ùrlar air nach sleamhnaich daoine, beingean gu leòr, sincaichean stàlainn nach meirg, agus dà roinn-obrach air leth.

Seòmar trèanaidh

Tha fèill air an t-seòmar trèanaidh againn. Ri linn am meud taghta aige, gabhaidh e suas gu 12 neach gun strì. Air sàilleibh an cruth aige thèid againn air a dhèanaibh freagarrach dhuibh agus tha e iomchaidh airson coinneamhan nas neo-fhoirmeil agus socair.

 

Our Ormiclate Learning Centre

Prìsean:

  Gach uair
Àbhaisteach Bho £15
Dìlseachd Bho £10
Tì/cofaidh £1 gach duine

Tha prìsean dìlseachd ri fhaighinn ma bhios sibh a' tighinn

thugainn gu tric

Airson na goireasan againn a ghabhail air màl, cuiribh fòn gu Cothrom air 01878 700910 no lìonaibh an foirm cheist againn, mas e ur toil