Gnìomhachas is Rianachd

 

Gnìomhachas is Rianachd

'S e obair eadar-dhealaichte agus chudromach a th' ann an Gnìomhachas is Rianachd. Tha cothroman gun chrìoch ann gus ur dreuchd a leasachadh. Mar as adhartaiche a dh'fhàsas teicneòlas, 's ann as eadar-dhealaichte a bhios na dleastanasan ann an Gnìomhachas is Rianachd. Air sàilleabh seo tha e cudromach gun ùraich daoine, ann an dreuchdan a tha a' cur taic ri gnìomhachas, an cuid sgilean.

Tha na teisteanasan SVQ Gnìomhachas is Rianachd air an amas air daoine anns an àite-obrach agus tha grunn aonadan annta; tha gach fear a' dèiligeadh ri raonaidh sònraichte de dh' obair.

  • Airson Ìre a Dhà fhaighinn tha agaibh ri còig aonadan a chrìochnachadh agus airson Ìre a Trì tha sia aonadan ann. Aig gach Ìre tha dà aonad èigeantach air sgàth 's gu bheil iad a' dèiligeadh ri sgilean a tha a h-uile rianaire ag iarraidh; co-dhiù tha coir aig na h-aonadan a' riochdachadh na sgilean as fhaisge air ur dleastanasan dreuchd.
  • Thèid tagraichean an treòireachadh tron SVQ le oide agus neach-stiùiridh na h-àite-obrach.
  • Thèid pasgan fianais a chur ri chèile leis an tagraiche. Mar is àbhaist 's e faidhle A4 a th' ann a tha a' cumail fianais aithriseachd co-cheangailte ris an obair agaibh.

 

Business & Administration student

Ma tha ùidh agaibh ann am fear sam bith de na teisteanasan seo, fònaibh gu Cothrom air 01878 700910 no lìonaibh an foirm chèist againn.

An robh fios agaibh?

Dh' fhaodadh gum bidh taic ga tabhann do dh'oileanaich tro chuibhreannan chloinne agus astair mhìlltean.