Cùram Chloinne

 

Cùram, Ionnsachadh is Leasachadh Chloinne II, III & IV

Bidh na teisteanasan SVQ Cùram, Ionnsachadh is Leasachadh Chloinne a' mìneachadh bun-tomhasan/inbhean coileanaidh is eòlas dhaoine a tha a' miannachadh dreuchdan anns am bidh iad ag obair le clann. Tha an rùnaichte air a dealbhadh airson an àite-obrach.

Ìre 2 Cùram Ionnsachadh is Leasachadh Chloinne
Airson na cùrsa seo feumaidh tagraichean a bhith ag obair le stiùireadh bho chuideigin eile, chan fhaod iad obair leotha fhèin.


Ìre 3 Cùram Ionnsachadh is Leasachadh Chloinne

Airson na cùrsa seo feumaidh tagraichean a bhith ag obair le fìor bheag stiùiridh agus feumaidh iad deagh ìre de neo-eisimeileachd gus an clàr-oideachais a dhealbhachadh agus a chur air adhart.


Ìre 4 Cùram Ionnsachadh is Leasachadh Chloinne

Airson na cùrsa seo feumaidh tagraichean a bhith ann an dreuchdan stiùiridh no aig ìre àrd ann an roinn cùram chloinne no foghlam. Bidh cùrsaichean 2 agus 3 a' ruith bhon t-Sultain gus an t-Ògmhìos. 'S e cùrsa ochd mìosan an deug a th'ann an Ìre 4, agus tha feum air ìre sgoilearach nas àirde.

Bidh tagraichean a' frithealadh an ionad airson tràth-oideachaidh seachdaineach dà uair a thìde ach am faigh iad an t-eòlas a tha bunaiteach dhan teisteanas aca. Mura h-eil tagraichean ag obair le clann òg mar-thà, thèid an cur ann an àite iomchaidh airson faisg air seachd uairean gach seachdain ach am faigh iad an t-eòlas a tha dhìth orra. Thèid an measadh anns an àite-obrach agus le grunn dhòighean leithid obair shònraichte, sgrùdaidhean cèis agus cunntasan meòrachail.

 

Children in the nursery

Ma tha ùidh agaibh ann am fear sam bith de na teisteanasan seo, fònaibh gu Cothrom air 01878 700910 no lìonaibh an foirm chèist againn.

An robh fios agaibh?

Dh' fhaodadh taic a thabhann do dh'oileanaich tro chuibhreannan chloinne agus astair mhìlltean.