Cothrom Òg

 

Fàilte

'S e goireas Cram Chloinne fad latha a th' ann an Cothrom g, stèidhichte ann an Ormacleit, Uibhist a Deas.

Gheibhear cram chloinne is oideachadh air leth math, tro Ghidhlig, do chlann bho thr mosan gu dusan bliadhna. Tha an luchd-obrach aig Cothrom proifeìseanta, air an trèanadh gu ìre àrd agus a' toirt am foghlam as fhèarr as urraìnn dhaibh don chloìnn a tha nan cùram. Ma tha ceist sam bith agaibh no ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh, chan eil agaibh ach faighneachd agus bidh an luchd-obrach air leth deònach ur cuideachadh.

Cìsean

Tha cìsean aig £3.60 gach uair a thìde, ach ma tha còrr is aon phàiste agaibh anns an Sgoil Àraich, thèid na cìsean aca a lùghdachadh gu £3.40 gach uair.

Tha cosgais seachdaineach dà not airson blasad-bìdh agus stuth fuine.

Ma tha ur pàiste bochd no air làithean-saora bidh agaibh ri leth-prìs a phàigheadh gus àite a chumail dha/dhi.

Feumar fios a chuir thugainn 48 uairean aig a' char as lugha ro làithean-saora. Thèid cunntasan an cur a-mach gach cola-deug agus feumar am pàigheadh gun dàil.

Uairean fosglaidh

The Cothrom Òg fosgailte eadar 8m - 5f Diluain gu Dihaoine. Chan eil e dùinte ach airson dà sheachdain anns an Iuchar agus cola-deug aig àm na Nollaige.

Tha e riatanach gun glèidh sibh àite ur pàiste ro-làimh

Fònaibh thugainn air: 01878 700912

Taic le cosgaisean cùram-chloinne

Thoiribh an aire gur dòcha gu bheil sibh airidh air taic leis na cìsean Sgoil Àraich agaibh tro Chreideas Chìsean Cùram-Chloinne. Cuiribh fios gu Inland Revenue feuch am faigh sibh a-mach a bheil sibh airidh air roghainn.

Cothrom Og Logo

Club làithean-saora

 

Air làithean-saora ? Ag iarraidh latha a-mach?

Dìreach airson a bhith aig fois?

 

Às aonais na cloinne!

 

Nach fòn sibh gu Cothrom g ach an cuidich iad sibh. Thèid againn air clann eadar trì mìosan is dà dheug bliadhna a dh' aois a ghabhail eadar 8 uairean 'sa mhadainn is 3.30 feasgar.

  

Clubaichean bhracaist, as dèidh sgoile no obair-dhachaigh

 

'S e seirbheis air leth math a tha seo ma th' agaibh ri dhol gu obair mus tig bus na sgoile, no ma dh' fheumas sibh fuireach airson coinneamh nach fhaod sibh call!

 

Bidh spòrs aig a' chlann le grunn cur-seachadan practaigeach is dùbhlanach leithid fuine, crèadh-deilbhidh, peantadh-ghlainne agus tòrr a bharrachd.

 

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a' cleachdadh na clubaichean seo tron teirm sgoile no làithean-saora sgoile chan eil agaibh ach faighneachd. Bidh fàilte oirbh ma tha sibh airson sealladh air goireasan na Sgoil Àraich aig àm sam bith ach tha e deatamach glèidheadh ro-làimh airson na clubaichean agus tha cìsean Cothrom g an lùib.

 

Tha e riatanach gun glèidh sibh àite: fònaibh gu 01878 700912

A bheil sibh airson tadhail air an làrach sgioba againn?

Gliog an seo