Cead-siubhail Coimpiutair

 

Mun chead-siubhail choimpiutair

Tha trì ìrean aig a' chùrsa seo ās am faigh a h-uile duine feum.

  • Tha an cùrsa luchd-tòiseachaidh taghta airson fìor luchd-ionnsachaidh. Chan fheumar eòlas ro-làimh agus tha na h-aonadan glè fhurasta.
  • Tha an cùrsa eadar-mheadhanach freagarrach airson neach-cleachdaidh comasach agus tha i a' toirt dlùth-àire do na sgilean as cudromaiche a dh' fheumar anns an àite-obrach.
  • Tha an cùrsa adhartach freagarrach do dh'eòlaiche teicneòlas fiosrachaidh.

Tha an Cead-Siubhail Coimpiutair rùnaichte do dhuine sam bith a tha ag iarraidh an cuid sgilean coimpiutaireachd a leasachadh. A chionn 's gu bheil trì ìrean ann, lorgaidh a chuid as motha de dhaoine ìre a tha freagarrach dhaibh fhèin. Tha e freagarrach do na daoine a leanas:

  • Sgoilearan a tha ag iarraidh sgilean dreuchdail.
  • Oileanaich colaiste a tha ag iarraidh sgilean coimpiutaireachd a thèid còmhla ris a' phrìomh chuspair aca.
  • OIleanaich ro-oilthighe a tha ag iarraidh cùrsa goirid mus tèid iad dhan Oilthigh.
  • Daoine gun obair a tha airson feabhas a thoirt air an comas aca obair fhaighinn/Daoine a tha airson ag amas air dreuchdan nas àirde
  • Luchd-obrach a tha airson feabhas a thoirt air na sgilean coimpiutaireachd aca no teisteanas fhaighinn airson na sgilean a th' aca mar-thà.
  • Proifeiseantaich mar phàirt den leasachadh phroifeiseanta leantainneach aca.
  • Daoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agus a tha airson coimpiutairean agus an Eadar-lìon a chleachdadh.

Chan eil deuchainnean sam bith anns a' Chead-Siubhail Coimpiutair. Thèid eòlas is tuigse am measadh le cèistean cothromach; theid sgilean practaigeach am measadh tro sgrùdadh-sùla agus/no eacarsaichean practaigeach.

 

A student learning office skills

Ma tha ùidh agaibh anns na teisteanasan seo, fònaibh gu Cothrom air 01878 700910 no lìonaibh an fhoirm cheist againn.

An robh fios agaibh?

Dh' fhaodadh gum bidh taic ga thabhann do dh'oileanaich tro chuibhreannan chloinne agus astair mhìltean.