Aoigheachd

 

SVQ Seirbheisean Aoigheachd Ioma-Sgil Ìre II

Tha an cùrsa seo a' toirt feart air na sgilean is comasan a tha dhìth ann an obair ann an grunn roinnean, a' toirt dhan tagraiche/oileanach tuigse eadar-dhealaichte dhen ghnìomhachas aoigheachd. Le a bhith a' dèanamh taghadh de dh'aonadan bho Beul an Oifis, Banas-taighe, Deasachadh Biadh is Còcaireachd, Seirbheis Biadh is Deoch, bidh eòlas is aithne obrach an tagraiche eadar-mheasgte gus dèanamh cinnteach gum bi an t-oileanach na luchd-obrach iol-chomasach.

Dh' fhaodadh daoine sgileil nur sgioba an diofar a dhèanamh eadar deagh ghnìomhachas agus sàr ghnìomhachas. Mar thoradh air luchd-obrach le na sgilean as ùire dh'fhaodadh ur gnìomhachas a bhith nas soirbheachaile agus ur luchd-ceannach nas riaraichte. A thuilleadh, ma thèid agaibh air sealltainn gu bheil na sgilean a dh'fheumas iad aig ur luchd-obrach, tha na buannachdan gnìomhachais nas motha.

 

A kitchen in a hotel

Ma tha ùidh agaibh anns na teisteanasan seo, fònaibh gu Cothrom air 01878 700910 no lìonaibh an fhoirm cheist againn.

An robh fios agaibh?

Dh'fhaodadh gum bidh taic ga thabhann do dh'oileanaich tro chuibhreannan chloinne agus astair mhìltean.